Ceannard ùr nan Tòraidhean aig a ciad Àm nan Ceistean


Bidh ceannard ùr Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba, Ruth Davidson BPA, a’ cur cheistean air a’ Phrìomh Mhinistear airson a’ chiad turais na dreuchd ùr an-diugh.

 

Ruth Davidson BPA

Ruth Davidson BPA

Faodar coimhead air Àm Cheistean a’ Phrìomh Mhinistear beò air làrach-lìn Holyrood TV aig 12.00f.

Tha dà sheòrsa de cheist phàrlamaideach ann, ceistean beòil is ceistean sgrìobhte. Tha cothrom aig BPA gach seachdain ceistean a chur, agus tha cothrom aca ceistean beòil a chur air a’ Phrìomh Mhinisteir agus air na ministearan aige. Faodar ceistean sgrìobhte a chur a-steach aig àm sam bith, agus gheibh iad freagairt sgrìobhte.

Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh a’ taghadh sia ceistean mu chùisean an latha bho cheannardan phàrtaidhean dùbhlanach agus BPA nam beingean cùil, agus thèid na ceistean a chur aig Àm Cheistean a’ Phrìomh Mhinisteir Diardaoin.

Faodaidh BPA an ainmean a chur ann an crannchur cuideachd airson ceistean coitcheann no cuspaireil fhaighneachd de mhinistearan na h-Alba. Bidh trichead BPA, a thèid a thaghadh air thuaiream sa chrannchur, a’ cur an cuid cheistean a-steach ro-làimh airson a bhith air am foillseachadh anns an Iris Ghnothaichean.

Aig Àm nan Ceistean Coitcheann agus Cuspaireil bidh am ministear iomchaidh a’ freagairt na ceist a chaidh fhoillseachadh, agus ceistean eile co-cheangailte ris an aon chuspair (mu nach d’fhuaras fios ro-làimh). Gheibh ceist sam bith nach deach a fhreagairt ro dheireadh na h-ùine airson ceistean beòil freagairt sgrìobhte, a nochdas ann an Aithisg nam Freagairtean Sgrìobhte, còmhla ris na freagairtean sgrìobhte eile. Chithear an aithisg seo air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk