Dè do bheachd air deoch-làidir?


Chaidh Bile Deoch-làidir (prìs as ìsle) Alba a thoirt a-steach don Phàrlamaid 31 Dàmhair 2011.

Pinnt leanna

Is is prìomh adhbhar a’ Bhile prìs as ìsle a stèidheachadh airson deoch-làidir. 

Tha Comataidh Slàinte is Spòrs na Pàrlamaid a-nis a’ coimhead air a’ bhile agus tha iad a’ sireadh beachdan an t-sluaigh air a’ cheist seo.

Tha a’ chomataidh air gairm fianais (call for evidence) fhoillseachadh.

Ma tha thu airson do chuid bheachdan a chur a-steach, thathar a’ cur fàilte air fianais anns a’ Ghàidhlig. Feumaidh beachdan a bhith a-staigh airson 12 Dùbhlachd 2011.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk