Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo


 

Prìomh ghnothaichean Diciadain 2 Samhain 2011:

2.30f Àm Cnuasachaidh– Monsignor Iain Mac an t-Saoir, Paraiste Naoimh Brìghde, Baillieston

air a leanntainn le Deasbad Riaghaltas na h-Alba: a’ lorg àite-fuirich buan do chloinn ann an cùram nas luaithe

5f Gnothaichean Bhall: Mordechai Vanunu, “feadaire” Niuclasach Israel. Gluasdad S4M-00789, Sandra White BPA. Airson teacs a’ ghluasaid, faic Earrann F den Iris Ghnothaichean)

Airson làn fhiosrachaidh, faic an Iris Ghnothaichean airson Diciadain 2 Samhain 2011 (130KB pdf)

Sandra White BPA

Sandra White BPA

Prìomh Ghnothaichean Diardaoin, 3 Samhain 2011:

9.15m Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Seann-shaighdearan (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01218)

11.40m Àm nan Ceistean Coitcheann (airson teacs nan Ceistean Coitcheann faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 27 Dàmhair 2011)

12.00f Ceistean don Phrìomh Mhinistear (airson teacs nan ceistean, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diciadain 1 Samhain 2011)

2.00f Àm nan Ceistean Cuspaireil

Foghlam is Ionnsachadh Fad-bheatha (airson teacs nan Ceistean Cuspaireil, faic Earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diardaoin 27 Dàmhair 2011)

2.40f Deasbad Comataidh a’ Cheartais: Report on the Offensive Behaviour at Football and Threatening Communications (Scotland) Bill at Stage 2 (airson teacs a’ ghluasaid, faic S4M-01170 ann an Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 31 Dàmhair 2011)

5.00f Àm co-dhùnaidh

Air a’ leantainn le Gnothaichean Bhall: S4M-00695 Seumas Ó Ceallaigh (Kelly): Nail the Rogues Campaign (airson teacs a’ ghluasaid faic Earrann F den Iris Ghnothaichean airson Diluain 31 Dàmhair 2011)