A’ Phàrlamaid a’ siubhal gu Dùn Dè


Tha an taisbeanadh ‘Sgeulachdan Siubhalach’, a dh’innseas na sgeulachdan brosnachail aig deichnear Albannach a rinn ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba, air fosgladh ann an Dùn Dè an-diugh.

Dùn Dè

Dùn Dè

Tha an taisbeanadh, anns a bheil dealbhan, stuth-èisteachd is stuth-amhairc, coimhead air na dh’fhiosraich deichnear a thug buaidh – le bhith a’ coiteachadh is a’ ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba – air Alba an dèidh fèin-riaghladh a bhith ann.

Tha còrr is 200,000 air tadhal air mar-thà.

Agus i a’ bruidhinn air an taisbeanadh a’ tighinn gu Dùn Dè, thuirt Oifigear Riaghlaidh an Pàrlamaid, Tricia Marwick BPA:

“Tha còrr is 200,000 duine air an taisbeanadh seo fhaicinn agus e a’ siubhal air feadh na h-Alba. Tha mi fìor thoilichte gum bi e ann an Dùn Dè airson nam beagan mìosan a tha romhainn agus tha e cudromach gun dèan a’ Phàrlamaid ceangail ris na h-amasan agus spionnadh aig daoine is buidhnean air feadh na h-Alba.

“Tha tòrr dòighean ann gus pàirt a ghabhail ann an obair na Pàrlamaid, tro iomairtean, cur a-steach athchuingean, dèanamh ceangal ri BPA aig tachartas no taisbeanadh, agus tha e mar amas aig Sgeulachdan Siubhalach’ airson sealltainn do dhaoine mar a chaidh a chaidh an cleachdadh an dà-rìribh.”

Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn ann an Leabharlann Meadhan Dhùn Dè gu Dimàirt 3 Faoilleach. Gluaisidh e an uair sin gu Leabharlann Mitchell ann an Glaschu.

Tha Gàidhlig gu leòr ri faicinn is ri cluinntinn san taisbeanadh.          

Sgeualchdan Siubhlach

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk