Co-labhairt Coimhearsnachd sa Phàrlamaid a-màireach


Bidh iomadh guth ann an seòmraichean Pàrlamaid na h-Alba Disathairne 29 Dàmhair nuair a thèid treas Co-labhairt Choimhearsnachdan na Pàrlamaid a chumail.

Tha a’ cho-labhairt ag amas air buidhnean ionadail, buidhnean beaga saor-thoileach, comainn chatharra is buidhnean-gnìomha ionadail nach bi eòlach is dòcha air na h-iomairtean aca a thoirt don Phàrlamaid. Tha e air cothrom a thoirt do na riochdairean a’ Phàrlamaid fhaicinn dhaibh fhèin agus fàs cleachdte ris na ceistean aca a nochdadh ri daoine ùra.

Leugh barrachd mu dheidhinn anns an fhios naidheachd againn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk