Pàrlamaid na h-Alba a’ tighinn don Leargaidh Ghallda


Cuiridh an Leargaidh Ghallta fàilte air Comataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba nuair a thèid coinneamh phoblach a chumail gus buidseat Riaghaltas na h-Alba a dheasbad le Iain Swinney BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas, Fastadh agus Fàs Seasmhach, Diluain 7 Samhain.

Tha Comataidh an Ionmhais air cuireadh a thoirt do dhaoine ann an Siorrachd Àir tighinn gu Taigh-òsta Bhrisbane a dh’èisteachd ris an deasbad.  Cuiridh Buill ceistean air a’ Mhinistear mun bhuidseat airson na bliadhna romhainn is na tha san amharc a thaobh caiteachais anns an ùine air thoiseach.

Stèisean rèile na Leargaidh Gallda

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA:

“Seo cothrom dha-rìribh do neach sam bith aig a bheil ùidh cluinntinn mar a dh’fhaodadh am buidseat a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba, a phàigheas airson seirbheis na slàinte, nan sgoiltean agus a’ phoileis againn, buaidh a thoirt air daoine bho latha gu latha ann an Siorrachd Àir agus ann an Alba.

“Tha sinn an dòchas gun nochd a h-uile duine bhon phoball, bho bhuidhnean sna coimhearsnachdan agus clann-sgoile a shealltainn air comataidh aig a’ Phàrlamaid ag obair, gu sònraichte nuair a bhios i a’ sealltainn air mar a thèid airgead poblach a chosg.

“Tha sinn air cuireadh a thoirt cuideachd do chaochladh eagrachaidhean agus buidhnean-gnìomhachais ionadail dol an sàs ann am buidhnean-obrach prìobhaideach sa mhadainn le buill den chomataidh.  Tha togail againn ris na beachdan aca a chluinntinn.”

Clàr-ama

Thèid a’ choinneamh aig a’ Chomataidh aig am bi Rùnaire a’ Chaibineit a’ labhairt a chumail ann an Taigh-òsta Bhrisbane, Rathad Ghrianaig aig 14.00. Gus tiogaidean an-asgaidh a chur airson na coinneimh, cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail aig Pàrlamaid na h-Alba air 0131 348 5200 no cuiribh post-dealain gu SP.Bookings@scottish.parliament.uk

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk