Buidhnean Poblach ag obair ri chèile


Bha deagh choinneamh againn an-diugh le Curstaidh NicDhòmhnaill an t-Oifigear Gàidhlig ùr aig Alba Aosmhor.  Mar phàirt den obair aice, tha aig Curstaidh ri plana Gàidhlig na buidhne a chur an gnìomh.

Bha deagh chòmhradh againn mu na planaichean Gàidhlig againn, air ainmean-àite, foghlam, làithean Gàidhlig, làraich lìn, air na dh’ionnsaich sinn bho na planaichean againn agus air dòighean gus obrachadh còmhla.

Tha e daonnan feumail a bhith a’ bruidhinn ri daoine eile a tha an sàs ann an obair leasachaidh na Gàidhlig.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Alba Aosmhor air an làraich-lìn aca.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.co.uk

Curstaidh NicDhòmhnaill, Alba Aosmhor

Curstaidh NicDhòmhnaill, oifigear Gàidhlig Alba Aosmhor

 

Suaicheantas dha-chananach Alba Aosmhor ann an Eilean Arainn