Craoladh ga dheasbad sa Phàrlamaid an-diugh


Bidh Comataidh Bile na h-Alba a’ gabhail fianais an-diugh air craoladh ann an Alba. Tha seo mar phàirt den raon-ùghdarrais (remit) aice a bhith a’ beachdachadh air a’ mholadh aig Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir barrachd cumhachd a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba air craoladh.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air seo anns an fhios naidheachd a sgaoil Pàrlamaid na h-Alba air 12 Sultain 2011.

http://www.scottish.parliament.uk/newsandmediacentre/41801.aspx

Aig an seisean fianais feasgair, cluinnidh a’ chomataidh bho Blair Jenkins, an cathraiche a bh’ air Coimisean Craolaidh na h-Alba, bho Jane Muirhead, riochdaire Albannach aig PACT (Producers’ Alliance for Cinema and Television) agus aig Raise the Roof Productions agus cuideachd bho riochdaire aig Ofcom.

 

Linda Fabiani BPA, Neach-gairm na Comataidh

Linda Fabiani BPA, Neach-gairm na Comataidh

 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk