A’ sgìoblachadh na h-oifis


Tha sinn air a bhith a’ sgioblachadh na h-oifis an-diugh oir tha cuid de na daoine san sgioba againn gu bhith a’ gluasad gu deasgaichean ùra.

 Thug sinn deagh chothrom dhuinn coimhead air na seann phàipearan agus aithisgean againn feuch am b’ urrainn dhuinn cuid aca ath-chuairteachadh.

Seo cuid de na seann foillseachaidhean aig Pàrlamaid na h-Alba a lorg sinn san tasglann againn:

Foillseachaidhean aig Pàrlamaid na h-Alba

 A bheil cuimhne agad air gin aca?

Ghabh a’ Phàrlamaid ri suaicheantas dà-chànanach beagan bhliadhnaichean air ais mar phàirt den phlana Gàidhlig againn. San deilbh seo, chithear na ciad copaidhean den logo ùr air clàran-sònraichte. Chaidh iad seo a shealltainn do Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba nuair a bhathar a’ beachdachadh air a’ chuspair seo agus is iad seo na logothan ris an do ghabh iad airson na Pàrlamaid.

Suaicheantas Pàrlamaid na h-Alba

 A bharrachd air stuth co-cheangailte ri Pàrlamaid na h-Alba, tha gu leòr stuth againn bho phàrlamaidean is seanaidhean eile a chaidh a thoirt dhuinn le riochdairean à thàinig a chèile air an sgioba againn thar nam bliadhnaichean. Mar eisimpleir, tha leabhran againn mu eachdraidh Seanadh Èireann a Tuath, tòrr fiosrachaidh mu Sheanadh na Cuimrigh, grunn sgrìobhainnean à Landtag Brandenburg sa Ghearmailt agus rud no dhà fiù’s bho Phàrlamaid Roinneil a’ Cheap an Iar ann an Afraga a Deas.

A-mach às na rudan a chaidh a thoirt dhuinn uile, ge-tà, is e tatù sealach (temporary tattoo) à Seanadh British Columbia ann an Canada an rud as annasaiche a fhuair sin. Bidh an sgioba foghlaim aca gan toirt seachad do chlann a thig air turas don t-Seanadh. Tha fios gum bi sin a’ còrdadh ris na sgoilearan!

tatù British Columbia

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk