A’ Phàrlamaid a’ dèanamh Ceangal ri Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear


Tha Frances Paulo aig Sgioba Foghlam is Com-pàirteachasan Pàrlamaid na h-Alba agus Mairie Ní Ghallchoir aig Pàrlamaid Òigridh na h-Alba (SYP) a’ toirt seachad seisean trèanaidh ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear an-diugh airson sgoilearan ann an Àrd-sgoil Turnbull ann an Bishopbriggs. Tha seo mar phàirt den phròiseact foghlaim “seise ri seise” (peer to peer) Connect.

Tha a’ bhuidheann seo, a tha a’ faighinn taic bho Luisa Palmegiani aig Ionad Saor-thoileach Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar, air ionnsachadh mu fhoghlam seise ri seise mar-thà ach bidh seisean an latha an-diugh a’ coimhead gu sònraichte air dòighean gus pàirt a ghabhail ann an obair Pàrlamaid na h-Alba.

 Ma tha ùidh aig buidheann òigridh sam bith ann a bhith a’ gabhail pàirt sa phròiseact, cuir fios gu frances.paulo@scottish.parliament.uk.

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk