Co-fhaclair Gàidhlig ri fhaighinn


Tha co-fhaclair (thesaurus) Gàidhlig ri fhaighinn mu dheireadh thall!  

Chaidh a dhèanamh le TELI, a’ chomapanaidh a rinn Faclair na Pàrlamaid.

Co-fhaclair na Gàidhlig

Co-fhaclair na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Ionnsachadh agus Teagasg Alba air an Co-fhaclair Gàidhlig fhoillseachadh mar phàirt de pròiseact nàiseanta gus Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ sgaoileadh an co-fhaclair seo air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha an co-fhaclair saor ’s an-asgaidh, ach feumar pàigheadh cosgaisean-postachd far a bheil sin iomchaidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air www.gaelicbooks.org no ann am Bùth Comhairle nan Leabhraichean.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk