Cruth-tìre agus fiadh-bheatha ann am Pàrlamaid na h-Alba


Chaidh soidhne dà-chànanach ùr a chur suas ann an gàrraidhean na Pàrlamaid an t-seachdain sa chaidh le fios mu dheidhinn “Cruth-tìre (landscape) agus fiadh-bheatha (wildlife) ann am Pàrlamaid na h-Alba”.

Tha seo ag innse dhut dè a chì thu taobh a-muigh togalach na Pàrlamaid ann an gàrradh na Pàrlamaid, a tha ri taobh Pàirce an Ròid (Pàirce Holyrood).

Soidhne dà-chànanach ùr

Thuirt Enric Miralles, an t-ailtire à Catalunya a dhealbhaich togalach na Pàrlamaid:

“The Parliament sits in the land because it belongs to the Scottish land…The building should originate from the sloping base of Arthur’s seat and arrive into the city almost out of the rock.”

Bha e ag iarraidh gum biodh an cruth-tìre ùr aig a’ Phàrlamaid na mhac-talla air a’ chruth-tìre is geòlas aig Pàirc Holyrood a tha ri a taobh. Tha na lochain ri taobh na Pàrlamaid nan riochd de na lochan an dà chuid anns a’ phàirc agus air feadh na h-Alba.

Chur Miralles flùraichean, craobhan is lusan fiadhaich Albannach anns a’ ghàrradh cuideachd.

A-mach às na craobhan seo, tha còig craobhan-giuthais ann a chur clann à Bun-sgoil an Naoimh Iùdais, Glaschu. Thathar air caorainn, a tha san dualchas mar samhlaidhean air deagh fhortan, a chur an caochladh àiteachan mun Phàrlamaid.

Bidh an t-àite a’ tarraing farsaingeachd de dh’eòin mar an deargan fraoich (goldfinch) is am breacan beithe (chaffinch) a bharrachd air biastagan leithid dealan-dè an t-umhach beag (small copper butterfly), an gorman (common blue butterfly), ceardan craorag (cardinal beetle), daolag-bhreac is seilleanan. As t-fhoghar, fàgar na lusan ach an tèid iad gu sìol gus an t-àite ùrachadh.

San dol seachad, chleachd sinn iomadh faclair a’ gabhail a-steach faclair nàdair SNH gus Gàidhlig a chuir air ainmean nan lusan is nam biastagan. Chaidh agam air a h-uile ainm a lorg ach a-mhàin cardinal beetle (Pyrochroa coccinea) agus mar sin, aig a’ cheann thall, chleachd mi an t-ainm Gaeilge: ceardan craorag. 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk