Air adhart còmhla! “Sgeulachdan Siubhlach” ann an Cair Ceann Tulaich


Tha an taisbeanadh ‘Sgeulachdan Siubhalach’, a dh’innseas na sgeulachdan brosnachail aig deichnear Albannach a rinn ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba, a-nis ri fhaicinn ann an Cair Ceann Tulaich ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn. Chaidh fhosgladh gu h-oifigeil le Tricia Marwick BPA, Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid 4 Dàmhair.   

An t-Oifigear Riaghlaidh le oileanaich, Colaiste Chomar nan Allt

An t-Oifigear Riaghlaidh le oileanaich, Colaiste Chomar nan Allt

Tha an taisbeanadh, anns a bheil dealbhan, stuth-èisteachd is stuth-amhairc, a-mach air na dh’fhiosraich deichnear a thug buaidh – le bhith a’ coiteachadh is a’ ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba – air Alba an dèidh fèin-riaghladh a bhith ann.

 Tha an taisbeanadh air tadhal air 17 ionadan, nam measg port-adhair is port-aiseig, ach is e seo a’ chiad turas a thathar air a nochdadh aig colaiste. Tha còrr is 200,000 neach air tadhal air mar-thà agus thathar an dòchas gun còrd e ri oileanaich a bhith ga fhaicinn ann an àrainn nan sràidean an taobh a-staigh na Colaiste aca fhèin.  

Bidh ‘Sgeulachdan Siubhalach’ e aig Àrainn Shiorrachd Dhùn Breatainn an Ear aig Colaiste Chomar nan Allt, Cair Ceann Tulaich  gu Diardaoin 27 Dàmhair. 

 

Air adhart còmhla! Cair Ceann Tulaich

Air adhart còmhla! Cair Ceann Tulaich