Gnothaichean sa Phàrlamaid Diciadain is Diardaoin


Am measg ghnothachaichean comataidh Diciadain bidh:

Càball fibreoptic

Comataidh an Ionmhais a’ gabhail fianais bho John McClelland CBE air a Sgrùdadh de bhun-structar ICT sa roinn phoblaich an Alba

Comataidh Bun-structar is Airgead-seilbh Calpa a’ beachdachadh air athchuinge le Nèill Kay air riaghladh seirbheisean aiseag air a bheil dearbh fheum
Comataidh Sgrùdadh Poblach a’ gabhail fianais air an Aithisg le Àrd-neach sgrudadh na h-Alba is Coimisean nan Cunntas air a bheil Ag ùrachadh an t-siostaim phlànaidh (no ‘Modernising the planning system’)   

 • Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd agus Tursachda’ gabhail fianais air Dreachd Bhuidseat 2012-13 bho luchd-fianais nam measg:
— Bill Jamieson, Àrd-deasaiche, Foillseachaidhean Scotsman
— An t-Ollamh John McLaren, Ionad airson Poileasaidh Poblach is Roinnean

Tha barrachd fiosrachaidh mu choinneamhan comataidh ri fhaighinn anns an Iris Ghnothaichean

Tòisichidh gnothaichean san t-Seòmar an-diugh aig 2.30f le

 

Àm Cnuasachaidh air a stiùireadh leis an Urr. Helen Cook bhon Eaglais Pharaiste ann an Ceann a’ Ghiùthsaich.

Air a’ chlàr-ghnothaich Diciadain bidh:
• Aithisg Mhinistreil: Bochdainn Connaidh
• Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Atharrachadh Sochairean
• Gnothaichean nam Ball bho Rob Gibson BPA air A’ Ghearmailt a’ cur a cùl ri Cumhachd Niùclasach  

 

Reichstag na Gearmailt

Reichstag na Gearmailt


Tòisichidh gnothaichean Diardaoin aig 9.15m agus nam measg bidh:

• Ceistean a’ Phrìomh Mhinisteir aig meadhan-latha
• Àm nan Ceist Coitcheann
• Àm nan Ceist Cuspaireil: Roi-innleachd Slàinte, Mathas-beatha agus Cathair-bhailtean


• Deasbad Riaghaltas na h-Alba: An t-Àm-ri-teachd Digiotach airson Dualchas na h-Alba

• Gnothaichean nam Ball bho Chairistìona Ghreumach BPA air a’ chuspair: Jeremy Hunt Doesn’t Get the Picture so Neither Does the Borders

 

Mark

 gaidhlig@scottish.parliament.uk