Fàs is Feabhas: Plana Nàiseanta na Gàidhlig sa Phàrlamaid


Chaidh dreach de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 fhoillseachadh an-dè le Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan BPA.

 

Alasdair Allan BPA a' cur dreach Phlana Nàiseanta na Gàidhlig air bhog

Alasdair Allan BPA a' cur dreach Phlana Nàiseanta na Gàidhlig air bhog

 

Chithear am fios naidheachd aig Bòrd na Gàidhlig an seo. Tha coinneamhan poblach gu bhith aig a’ Bhòrd air feadh na h-Alba gus beachdan an t-sluaigh a shireadh air a’ phlana.

Is dòcha gu bheil thu a’ smaoineachadh “glè mhath – ach dè an ceangal a th’ aig seo ri Pàrlamaid na h-Alba? Nach e Bòrd na Gàidhlig is Riaghaltas na h-Alba a tha a’ dèiligeadh ri seo?”

Deagh cheist!

Tha am Plana air a sgrìobhadh le Bòrd na Gàidhlig agus air a chur don Riaghaltas.

Ach a bharrachd air seo, mar phàirt de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, feumar an dreach phlana a chur fa chomhair na Pàrlamaid:

 A rèir earrainn 2 den Achd,

 

(3)In preparing the plan, the Bòrd must—

(a)consult the Parliament,

(b)publish a draft of the plan,

(c)publicise the opportunity to make representations about the draft plan under subsection (4) within such period of not less than 3 months as the Bòrd may specify, and

(d)take into account any representations received by it within that period.

 

Mar sin, cumaidh am blog seo fios thugad mun Phlana Nàiseanta nuair a thig e don Phàrlamaid airson sgrùdadh le comataidh.

 

Dreach Phlana Nàiseanta na Gàidhlig

Dreach Phlana Nàiseanta na Gàidhlig

 

 

Alasdair

 

Gaidhlig@scottish.parliament.uk