Gnothaichean Comataidh Dimàirt


Cùram do sheann daoine

Cùram do sheann daoine

Am measg gnothaichean comataidh Dimàirt bidh:

Comataidh Foghlam is Cultar a’ gabhail fianais air Dreachd Bhuidseat Riaghaltas na h-Alba 2012-13
Comataidh Slàinte is Spòrs a’ gabhail fianais air riaghladh cùram do sheann daoine
Comataidh a’ Cheartais a’ beachdachadh air dreachd aithisg Ìre 2 air Bile mu Ghiùlan Oilbheumach is Bagrach aig Ball-coise (Alba) (gu prìobhaideach)
Comataidh Co-ionnanachd Cothrom a’ gabhail fianais air Dreachd Bhuidseat Riaghaltas na h-Alba 2012-13
Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh a’ beachdachadh air fianais sgrìobhte mu bhuill Pàrlamaid na h-Alba ann an Comataidh nan Roinnean
Comataidh Athchuingean Poblach a’ beachdachadh air 5 athchuingean ùra agus 9 athchuingean làthaireach nam measg PE1135 : ath-sgrùdadh de dh’iùl gus leigeil le fir cho-sheòrsach is dhà-sheòrsach aig a bheil deagh shlàinte cuid fala a thoirt seachad. 

Comataidh Bile na h-Alba a’ gabhail fianais air sochairean

Tha barrachd fiosrachaidh mu choinneamhan comataidh ri fhaighinn anns an Iris Ghnothaichean.  

Alasdair

gaidlhig@scottish.parliament.uk