Dè a bhios a’ tachairt san t-Seòmar Deasbaid? (2) – Àm Cnuasachaidh


Bidh gnothaichean na Pàrlamaid a’ tòiseachadh gach seachdain le Àm Cnuasachaidh (Time for Reflection) nuair a gheibh daoine bho dhiofar chreideamhan – no gun chreideamh idir – cothrom an cuid smuaintean a chur an cèill don Phàrlamaid. Tha riochdairean bho mhòran chreideamhan, (a’ gabhail a-steach Baha’i, Buddachd, Hionduthachd, Siogachd, Ioslam agus Iùdhachas a bharrachd air Crìosdaidheachd) agus daoine aig nach eil creideamh idir, air pàirt a ghabhail ann an Àm Cnuasachaidh.

Mairidh Àm Cnuasachaidh suas ri 4 mionaidean.

Seo an t-Àm Cnuasachaidh a chaidh a thoirt seachad an t-seachdain sa chaidh leis an Urr Jennifer NicRath à Eaglais Muire ann an Haddington.

Am measg nan daoine a tha air Àm Cnuasachaidh a thoirt seachad sa Phàrlamaid, tha Tony Benn, Iain Christie – Modaràtor Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba, an Dalai Lama, An Cardinal Cè Ó Briain – Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn is Dhùn Èideann, Prìomh Rabbi Jonathan Sacks, an Dr Amanullah De Sondy – an t-Ionad airson Eòlais Ioslamach, Oilthigh Ghlaschu,  Juliet Wilson – Comann Daonnachais  (Humanist) na h-Alba, agus an t-Urr Donnchadh MacLeòid às an Eaglais Shaoir a thug seachad a’ chiad àm cnuasachaidh sa Ghàidhlig.

 

Carrie Varjavandi a' toirt seachadh Àm Cnuasachaidh

Carrie Varjavandi, Baha'i à Dùn Dèagh a' toirt seachad Àm Cnuasachaidh, 18 Faoilleach

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk