Dè a bhios a’ tachairt san t-Seòmar Deasbaid? (1) – Gnothaichean nam Ball


Tha sinn air a bhith a’ foillseachadh barrachd anns a’ bhog mu ghnothaichean pàrlamaideach bho chionn goirid a chionn ‘s gu bheil fosadh samhraidh na Pàrlamaid deiseil agus obair a-nis air tòiseachadh sna comataidhean agus san t-Seòmar a-rithist.

A chionn’s gum bi tòrr diofar rudan a’ tachairt san t-Seòmar, bha sinn a’ smaoineachadh gur dòcha gum biodh beagan mìneachaidh air cuid de na rudan a tha a’ tachairt feumail. Anns a’ chiad bhlog san t-sreath seo, bheir sinn sùil air Gnothaichean nam Ball.

Seòmar na Pàrlamaid rè Deasbaid

Tha Gnothaichean nam Ball (Members’ Business) ann aig deireadh gach coinneamh den Phàrlamaid. Bheir seo cothrom do bhuill fa leth bho gach pàrtaidh no buidheann cuspairean a thogail nach fhaigheadh prìomhachas gu h-àbhaisteach ann am prìomh ghnothaichean na Pàrlamaid.

Bidh gach Gnothach nam Ball a’ deasbad gluasad a tha air a mholadh le BPA nach eil na Rùnaire Caibineit no na M(h)inistear.

Thèid Gnothaichean nam Ball gu tric a chleachdadh gus gnothach roinneil neo sgìreil a thogail, neo airson aire a tharraing gu tachartas ainmeil no inntinneach sam bith. San àbhaist, bidh an cuspair air an tèid còmhradh co-cheangailte ri sgìre shònraichte, ri tachartas sònraichte, no bidh e co-cheangailte ri cuspair anns a bheil ùidh shònraichte aig a’ BPA agus nach fhaigheadh aire a bharrachd air an seo.

Mairidh gnothaichean bhall suas ri 45 mionaid, agus cha bhithear a’ bhòtadh air a’ ghluasad.

Seo cuid de na cuisean a chaidh a deasbad bho chionn goirid cho math ri ceangal ris an Aithisg Oifigeil (clàr sgrìobhte) airson an deasbaid sin:

22 Sultain 2011 Jamie Hepburn BPA: Aithisg le ‘Save the Children – Making Work Pay – The Childcare Trap

21 Sultain 2011 Bill Kidd BPA: Latha Sìth Eadar-nàiseanta nan Dùthchannan Aonaichte.

15 Sultain 2011 Hugh Henry BPA: Upper Clyde Shipbuilders

 

14 Sultain 2011 Rob Gibson BPA: A’ Cuimhneachadh air Conbhoidean Ruiseanach na h-Artaig