Gnothaichean Comataidh Dimàirt 27/09/11


Air clàr nan Comataidhean Dimàirt 27/09/11, bidh:

A' chàirt dhearg aig geama ball-coise
Comataidh Bile na h-Alba a’ gabhail fianais mu cumhachdan air cìsean corparaid a bhith a’ gluasad gu Pàrlamaid na h-Alba
Comataidh Slàinte is Spòrs a’ gabhail fianais mu riaghladh cùram do sheann dhaoine
Comataidh a’ Cheartais a’ beachdachadh air na prìomh bheachdean às an fhianais a fhuair iad air Bile Bhile Giùlan Ionnsaigheach aig Ball-coise is Conaltraidhean Bagarrach (Alba)  (Offensive Behaviour at Football and Threatening Communications (Scotland) Bill)  aig Ìre 2 (bidh iad a’ coinneachadh ann am prìobhaideachd)
Comataidh Foghlaim is Cultair a’ gabhail fianais air an sgrùdadh air fastadh luch’d-teagaisg ann an Alba.
Beachdachaidh Comataidh Co-ionnanachd Chothroman air mar a bhios e a’ làimhseachadh sgrùdadh Dreach Bhuidseit Riaghaltas na h-Alba airson 2012-2013
Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach is Cur-an-dreuchd Poblach a’ gabhail fianais air ath-leasachadh air gnothaichean pàrlamaideach

Gheibhear barrachd fiosrachaidh san Iris Ghnothaichean.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk