Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo


Tòisichidh gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo le Àm Cnuasachaidh leis an Urr Ailean Loudon, Eaglais Methodist Wishaw.

Am measg gnothaichean air a’ chlàr Diciadain, tha:
• Ceistean do Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (airson teacs nan ceistean don Bhuidhinn Chorporra, faic earrann D den Iris Ghnothaichean airson Diciadain 22 Sultain 2011)
• Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Slàinte Inntinn.

Tòisichidh gnothaichean Diardaoin aig 9.15m le gluasadan Biùro na Pàrlamaid agus am measg nan rudan air a’ chlàr tha:
• Ceistean don Phrìomh Mhinistear aig meadhan latha
• Gnothaichean Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba
• Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Eòlas na h-Alba
• Àm nan Ceistean Cuspaireil air Gnothaichean Dùthchail agus an Àrainneachd; Ceartas agus Oifigearan Lagha. (Airson teacs nan Ceistean Cuspaireil, faic earrann D den Iris Ghnothaichean airson 22 Sultain 2011)

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk