Foghlam sa Phàrlamaid


Tha prògram foghlaim againn airson sgoiltean, colaistean agus buidhnean foghlaim eile a tha ag iarraidh faighinn a-mach barrachd mu obair na Pàrlamaid.

Sgoilear ann am Pàrlamaid na h-Alba

Sgoilear ann am Pàrlamaid na h-Alba

Faodar tighinn thugainn no faodaidh cuideigin bhon Phàrlamaid tighinn thugaibh.

Gus barrachd fhaighinn a-mach no airson turas a chur air dòigh, thoir sùil air na duilleagan foghlaim  againn.

Tha seiseanan foghlaim rim faighinn sa Ghàidhlig.

Agus tha goireasan foghlaim eadar-ghnìomhach (interactive) rim faighinn san dà chànain air an làraich-lìn againn cuideachd.

Gabh ri bile - fear de na geamaichean pàrlamaideach againn

Gabh ri bile - fear de na geamaichean pàrlamaideach againn

Bidh sgoilearan à Bun-sgoil Longartaidh (Luncarty) ann an Siorrachd Pheairt a’ tighinn a-staigh don Phàrlamaid an-diugh. Ma tha an sgoil no a’ bhuidheann agaibh airson tighinn a-steach cuideachd no ma tha sibh airson’s gun tig cuideigin bhon Phàrlamaid don sgoil no buidhinn agaibhse, nach leig thu fios thugainn: education.services@scottish.parliament.uk.   

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk