Caraid à Èirinn a’ tadhal oirnn


Bho àm gu àm, bidh daoine an sàs ann an leasachadh mion-chànain eile a’ tighinn don Phàrlamaid  airson ionnsachadh mun obair againn agus gus innse dhuinn mun obair aca.

Dihaoine sa chaidh, thàinig Seán Ó Riain à Coimisean na h-Eòrpa airson bruidhinn ruinn mun obair aige agus mu inbhe na Gaeilge anns na h-Institiùidean (institutions) Eòrpach.

An Dr Seán Ó Riain
An Dr Seán Ó Riain

Coltach ruinn fhèin, tha Seán an sàs gu mòr ann a bhith ag eadar-theangachadh làrach-lìn: Làrach-lìn Coimisean na h-Eòrpa gu Gaeilge: http://ec.europa.eu/index_ga.htm.

Bha deagh chòmhradh againn air planadh cànain is planadh corpais.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk