Gnothaichean san t-Seòmar an t-seachdain seo


Tòisichidh gnothaichean an t-Seòmair Diciadain aig 2f le Àm Cnuasachaidh (Time for Reflection) a bhios air a stiùireadh leis an Urr Jennifer NicRath, Eaglais Mhuire, Haddington.

Am measg nan rudan air a’ chlàr airson Diciadain, tha:
• Aithris Mhinistreil: Ath-sgrùdadh Roi-innleachdail air Caitheimh (Strategic Spending Review)
• Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Ath-sgrùdadh Roi-innleachdail air Caitheimh
• Gnothaichean Bhall bho Bill Kidd BPA: Latha Eadar-nàiseanta Sìth an UN, 21 Sultain 2011

Tòisichidh gnothaichean Diardaoin aig 9.15m le Gluasadan Biùro na Pàrlamaid. Air a’ chlàr cuideachd, tha:

• Ceistean don Phrìomh Mhinistear aig meadhan latha
• Deasbad Riaghaltas na h-Alba air Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich
• Àm nan Ceistean Cuspaireil air Ionmhas, Cosnadh agus Fàs Seasmhach
• Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Eaconomaidh ‘Carbon-ìosail’
• Deasbad Bhall bho Jamie Hepburn BPA: Aithisg Save the Children, Making Work Pay – The Childcare Trap

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk