Atharrachaidhean ri cruth gnothaichean na Pàrlamaid?


Chaidh ainmeachadh an-diugh gum bi comataidh phàrlamaideach a’ beachdachadh air molaidhean airson atharrachaidhean ann an cruth gnothaichean na Pàrlamaid, a’ gabhail a-steach molaidhean gum bu chòir don t-seòmar coinneachadh feasgair Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin.

Seòmar na Pàrlamaid

Às dèidh iarrtais bhon Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick, tha Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach is Cur-an-dreuchd Poblach  gu bhith a’ coimhead air an dòigh as fheàrr gus seachdain na Pàrlamaid a structaradh gus dèanamh cinnteach gum bi an deasbad is an sgrùdadh cho èifeachdach sa ghabhas.

Airson barrachd a leughadh mu dheidhinn seo agus gus do bheachdan a chur a-steach, faic ar fios naidheachd.

Na diochuimhnich gu bheilear a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.  

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk