Ruigidh an t-each (-aibhne) mall am muileann uaireigin!


Ma thig thu don Phàrlamaid air a’ mhìos seo, chì thu rud gu math sònraichte is neo-àbhaisteach: eich-aibhne no hippothan mòra ioma-dhathach.

Na gabh dragh, ge-tà,  chan eil iad fiadhaich oir ’s ann a tha iad dèante à snàithleach-glainne no fibreglass.

‘S ann à Gleann Rathais a tha na h-eich-aibhne. Chaidh an cruthachadh le sgoilearan mar phàirt den Great Glenrothes Hippo Parade. Tha ochd deug ann uile gu lèir.

Seo beagan dealbhan dhiubh ach carson  nach tig thu airson am faicinn san fheòil!

Hippo dathach