Gnothaichean pàrlamaideach an-diugh: Comataidh is Seòmar


Am measg gnothaichean comataidh Diciadain, bidh:

Tractar air tuathanas

• gabhaidh comataidh Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd  fianais air an rannsachadh aca air Business Gateway – prìomhachasan airson ùrachadh a’ chùmhnant.
• bidh
Comataidh an Ionmhais a’ gabhail fianais air meòmhrachan ionmhais air Bile Giùlan Ionnsaigheach is Conaltraidhean Bagarrach (Alba) [Offensive Behaviour at Football and Threatening Communications (Scotland) Bill]
• gabhaidh
Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh fianais beòil air athchuinge bho Dhùghlas MacCoinnich às leth Communities Against Airfield Open Cast.
• gabhaidh
Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd will fianais air Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais, air Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich agus air cùisean Eòrpach co-cheangailte ris an raon-ùghdarrais aice.

Tha barrachd fiosrachaidh mu choinneamhan comataidh ri fhaighinn san Iris Gnothaichean.

Tòisichidh Gnothaichean san t-Seòmar an-diugh aig 2fle Àm Cnuasachaidh (Time for Reflection) le Michel Syrett, eòlaiche slàinte-inntinn bho Action in Mind.

Air a’ chlàr an-diugh, tha:
• Aithris Mhinistreil: Ath-leasachadh air poileasaidh son 16+

• Deasbad Riaghaltas na h-Alba: Ro-innleachd eaconomach an Riaghaltais.
• Gnothaichean Bhall bho Rob Gibson BPA: A’ cuimhneachadh air na Coimheadachdan (Convoys) Artaig Ruiseanach.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk