Dè chanas tu ris? Comar nan Allt!


Bidh an taisbeanadh ‘Sgeulachdan Siubhalach’, a dh’innseas na sgeulachdan brosnachail aig deichnear Albannach a rinn ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba, a’  nochdadh aig Colaiste Chomar nan Allt bho Dhiluain 12 Sultain.

Tha an taisbeanadh, anns a bheil dealbhan, stuth-èisteachd is stuth-amhairc, a-mach air na dh’fhiosraich deichnear a thug buaidh – le bhith a’ coiteachadh is a’ ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba – air Alba an dèidh fèin-riaghladh a bhith ann.

 Tha an taisbeanadh air tadhal air 17 ionadan, nam measg port-adhair is port-aiseig, ach is e seo a’ chiad turas a thathar air a nochdadh aig colaiste. Tha còrr is 200,000 neach air tadhal air mar-thà agus thathar an dòchas gun còrd e ri oileanaich a bhith ga fhaicinn ann an àrainn nan sràidean an taobh a-staigh na Colaiste aca fhèin.  

Bidh ‘Sgeulachdan Siubhalach’ e aig Colaiste Chomar nan Allt ann an Talla a’ Bhaile ann an Comar nan Allt gu Diardaoin 29 Sultain nuair a ghluaiseas e gu àrainn na colaiste ann an Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear ann an Cathair Cheann Tulaich bho Dhimàirt 4 gu Diardaoin 27 Dàmhair.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk