11 Sultain 1997 – latha eachdraidheil do dh’Alba


‘S e latha cudromach do dh’Alba a bh’ ann an 11 Sultain 1997 oir ‘s ann air an latha sin a chaidh reifreann (referendum) a chumail air a’ cheist am bu chòir Pàrlamaid na h-Alba a bhith ann.

Tha e doirbh a chreidsinn gur ann bho chionn 14 bliadhna a bha sin! 

Bha dà cheist air a’ phàipear-bhòtaidh:

 Ceist 1

  • Tha mi ag aontachadh gum bu chòir Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh
  • Chan eil mi ag aontachadh gum bu chòir Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadhPàipear baileit bho reafrainn 1997

Ceist 2

  • Tha mi ag aontachadh gum bu chòir cumhachd a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba ìre chìsean atharrachadh.
  • Chan eil mi ag aontachadh gum bu chòir cumhachd a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba ìre chìsean atharrachadh

Pàipear bhòtaidh, reafrainn na h-Alba 1997

Bhòt a’ mhòr-chuid de na daoine a bhòt “bu chòir” airson gach ceist. Bha na tòraidhean mar a leanas:

Ceist 1: bu chòir – 75.3%, cha bu chòir – 25.7%

Ceist 2: bu chòir – 63.5%, cha bu chòir – 36.5%

Bhòt a’ mhòr-chuid anns gach sgìre-comhairle ann an Alba gus Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh. Bhòt dà sgìre an aghaidh cumhachd a bhith aig a’ Phàrlamaid ìre nan cìsean atharrachadh – Arcaibh agus Dùn Phris & Gall-Ghaidhealaibh – ach bhòt a h-uile sgìre eile air a shon.

Mar thoradh air a’ bhòt seo, thug Riaghaltas na RA a-steach Achd na h-Alba 1998 a chruthaich Pàrlamaid agus Riaghaltas na h-Alba.

Is e bliadhna gu math cudromach airson na Cuimrigh a bha seo cuideachd oir seachdain às dèidh seo chaidh reifreann a chumail am bu chòir Seanadh Nàiseanta a bhith ann air 18 Sultain 1997.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk