Faclair ùr ri fhaighinn


Tha faclair ùr ri fhaighinn air-loidhne: Faclair airson Riaghaltas Ionadail.

Dealbh de dh'fhaclair an Riaghaltais Ionadail

Tha am faclair seo ri fhaighinn mar PhDF agus mar leabhair-D air-loidhne air làrach-lìn Comhairle nan Eilean Siar.

Chaidh a dhèanamh le Iomairt Cànan na Roinn Eòrpa (TELI) ann an co-obrachadh le Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd. Bidh cuimhne aig cuid gun do rinn TELI Faclair na Pàrlamaid bho chionn deich bliadhna.

Cha robh cothrom agam coimhead air gu mionaideach fhathast ach thug mi sùil luath air agus tha mi fìor thoilichte fhaicinn gu bheil ainmean nan ùghdarrasan ionadail air fad ann. Bidh sinn gu math feumail dhuinn an seo sa Phàrlamaid. 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk