Gnothaichean pàrlamaideach an-diugh


Bile na h-Alba

Bile na h-Alba

Tha gnothaichean an t-seòmair an-diugh (Diardaoin 08/09/11) a’ tòiseachadh aig 9.15m. Air a’ chlàr, tha:

• Ceistean don Phrìomh Mhinistear aig meadhan latha
• Àm nan Ceistean Coitcheann
• Àm nan Ceistean Cuspaireil air Bun-structair is Cur an seilbh Calpa, agus Cultar is Cùisean Taobh a-muigh.

Bidh aon chomataidh a’ coinneachadh cuideachd, Comataidh Bile na h-Alba, la bhios a’ gabhail fianais bho riochdairean Riaghaltas na RA, a’ gabhail a-steach:

• Am Fìor Urr Mìcheal Moore BP, Rùnaire na Stàite airson Alba
• Am Fìor Urr Dàibhidh Mundell BP, Leas-rùnaire na Stàite
• Alasdair Mac an Tòisich, Stiùiriche, An Oifis Albannach
• Laura Crawforth, Ceannard Poileasaidh a’ Bhunreachd, An Oifis Albannach.

Faodar gnothaichean seòmair an latha an-dè, a’ gabhail a-steach prògram reachdais an Riaghaltais, a’ leughadh a-nis air an aithisg oifigeil.

Airson clàr-gnothaich na Pàrlamaid airson na seachdain seo air fad, faic an Iris Ghnothaichean.