Prògram reachdais an Riaghaltais ga fhoillseachadh an-diugh


Is e latha cudromach do Phàrlamaid na h-Alba a th’ ann an-diugh agus gnothaichean an t-seòmair a’ tòiseachadh a-rithist.

Seòmar Pàrlamaid na h-Alba

Tòisichidh gnothaichean le Aithris leis a’ Phrìomh Mhinistear air prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba airson an t-seisein seo: bidh e a’ mìneachadh de na bilean a bhios an Riaghaltas a’ toirt a-steach don Phàrlamaid. Thèid seo a leantainn le deasbad air a’ chuspair. Tòisichidh gnothaichean san t-Seòmar aig uair feasgair.

Gus aithris a’ Phrìomh Mhinistear agus gnothaichean na Pàrlamaid air fad a leantainn, beò air-loidhne, an dà chuid san t-seòmar agus anns na comataidhean, faic ar seirbheis lìn-chraolaidh (webcasting) Holyrood TV.  

 Bidh grunn comataidhean a’ coinneachadh madainn an-diugh:

 • Cluinnidh Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd aithris bhon neach-gairm Gavin Brown BPA air prògram obrach na comataidh.

• Gabhaidh Comataidh Bun-structair is Cur an seilbh Calpa fianais air Drochaid Ùr an Fhoirthe.

Drochaid an Fhoirthe

Drochaid an Fhoirthe

• Beachdachaidh Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh air mar a làimhsicheas i dreach bhuidseat 2012-13.

• Bidh coinneamh-ullachaidh aig Comataidh Sgrùdadh Poblach air aithisg bhliadhnail Sgrùdadh na h-Alba (Audit Scotland).

 • Gabhaidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd fianais air atharrachaidhean a tha air am moladh do Bhile na h-Alba (Reachdas na RA) co-cheangailte ri Oighreachd a’ Chrùin.

Airson clàr-gnothaich na Pàrlamaid airson na seachdain seo, faic an Iris Ghnothaichean.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk