Leòmhannan is tìgearean is mathanan, mo chreach!


Is ioma rud a chì am fear a bhios fada beò, mar a chanas iad.

Sin na bha mi a’ smaoineachadh an-diugh nuair a mhothaich mi gun robh trì tìgeirean ioma-dathach air nochdadh taobh a-muigh na Pàrlamaid.

Tìgear taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba

Dh’aithris sin air cruinneachadh ealain na Pàrlamaid bho chionn goirid. Bho àm gu àm bidh obraichean-ealain – tigearan is eile – a’ tighinn don Phàrlamaid mar phàirt den obair ealain aig sgioba taisbeanaidhean is tachartasan na Pàrlamaid.

Tha na tìgearan an seo mar phàirt de “Jungle City”, Dùn Èideann 2011.

Tha ainmhidhean annasach gu leòr eile gu bhith a’ tighinn fhathast air a’ mhìos seo. Cùm sùil air Blog Pàrlamaid na h-Alba airson barrachd fiosrachaidh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 Tigear!