Dealbhan de dh’Alba san àm ri teachd


Chùm Pàrlamaid na h-Alba latha airson òigridh eadar 16 agus 25 à air feadh na h-Alba 20 Lùnastal 2011. Is e Get the Picture an t-ainm a bh’ air seo agus bha 155 duine an làthair.

Bha diofar bhùithean-obrach ann, nam measg togail-dhealbhan. Tha na dealbhan aig an òigridh bhon bhùth-obrach seo a’ cur air adhart na beachdan aca air cò ris a bu chòir Alba a bhith coltach sa chòig bliadhna air thoiseach oirnn. Tha na dealbhan a chaidh a thogail a-nis rim faicinn anns a’ ghailearaidh PhotoVoice a chruthaich iad.

Am measg nan cuspairean a chaidh a thogail sna dealbhan seo, bha bochdainn, am bunreachd, co-ionnanachdan (equalities), mothachadh air buidhre, drugaichean agus eile.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Buannaichean co-fharpais 'Get the Picture'

Buannaichean co-fharpais 'Get the Picture'