Alt mu Phlana Gàidhlig na Pàrlamaid a’ nochdadh ann an Leabhar Ùr


Tha alt (article) mun Phlana Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba air a bheil From Politics to Practice: a’ cruthachadh Plana Gàidhlig  air nochdadh o chionn goirid ann an leabhar ùr air a bheil Strategies for Minority Languages: Northern Ireland, the Republic of Ireland, and Scotland air a dheasachadh le John M. Kirk agus Dónal P. Ó Baoill (Queen’s University Press, 2011). Anns an alt sin tha mo cho-obraiche Alasdair MacCaluim a’ toirt seachad cunntas air na ceumannan a bha romhainn nuair a bha an sgioba againn a’ cur Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba ri chèile.

Thàinig an leabhar seo a-mach mar thoradh air co-labhairt (conference) a chaidh a chumail san t-Sultain an-uiridh aig Ollscoil na Banríona (no ‘Oilthigh na Banrigh’) ann am Beul Feirste. Bha òraidean agus pàipearan na co-labhairt seo stèidhichte air cur an cèill an rannsachaidh a b’ ùire a thaobh poileasaidhean agus roi-innleachdan (stragegies) na Gàidhlig, na Gaeilge agus na Beurla Gallda ann an Alba, Èireann a Tuath agus Poblachd na h-Èireann.      

         

 Am measg nan alt eile mu Ghàidhlig ann an Alba tha aistean inntinneach air dà-chànanachas (bilingualism) leis an Oll. Rob Dunbar, ceannard a’ phròiseict rannsachaidh Soillse agus le Dr. Tim Armstrong aig Sabhal Mòr Ostaig, le Dr. Wilson McLeod, Oilthigh Dhùn Èideann, air Planaichean Gàidhlig agus Suaicheantais (logos) dhà chànanach agus le Ruairidh MacAoidh, aig UHI, air bathar-bog (software) eadar-theangachaidh.

Marc

gaidhlig@scottish.parliament.uk