Aifric ag ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba!


Ma bhios tu a’ coimhead air Aifric, prògram air BBC Alba do dheugairean, is dòcha gun do mhothaich thu a-raoir gun robh Aifric NicMhathain, prìomh charactar na sreath, ag ullachadh airson deuchainn sgoile agus gur e “eachdraidh Pàrlamaid na h-Alba” an cuspair a bha gu bhith aice.

Aifric

Aifric

Gu mì-fhortanach, an àite a bhith a’ dèanamh a cuid obrach, chluich Aifrig air an eadar-lìon fad na h-oidhche….

Nam biodh i airson faighinn a-mach mun Phàrlamaid air an eadar-lìon, bhiodh cothrom aice faighinn a-mach air a’ bhlog seo no tro na foillseachaidhean againn. Tha cuid aca, leithid A’ Dèanamh Feum de Phàrlamaid na h-Albaair an sgrìobhadh ann an Gàidhlig shìmplidh a tha gu sònraichte freagarrach airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is luchd-ionnsachaidh.

Bidh loidhne-tìm ùr eadar-gnìomhach againn air an làraich-lìn ann an ùine nach bi fada cuideachd le eachdraidh na Pàrlamaid air fad ann.

No ma tha ceist sam bith agad mun Phàrlamaid, faodaidh tu fios a chur thugainn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk