An rud nach fhaic sùil, cha ghluais e crìdhe


A rèir rannsachaidh ùir aig Riaghaltas na h-Alba, tha 80% de mhuinntir na h-Alba mothachail air cleachdadh na Gàidhlig.

Nuair a chaidh ceist a chur daoine anns an sampall rannsachaidh:

In which of these situations, if any, are you aware of the Gaelic language being used in Scotland?”

thuirt 80% gun robh iad mothachail air cleachdadh na Gàidhlig ann an co-dhiù aon de na suidheachaidhean a chaidh ainmeachadh, a’ gabhail a-steach soidhnichean, buidhnean poblach na meadhanan is eile.

Chan eil teagamh sam bith nach eil faicsinneachd na Gàidhlig air dol am meud sna beagan bliadhnaichean mu dheireadh mar thoradh air Achd na Gàidhlig is Planaichean Gàidhlig le barrachd soidhnichean is suaicheantasan dà-chànanach.

‘S e Pàrlamaid na h-Alba air aon de na h-àiteachan far a bheil barrachd Gàidhlig ri fhaicinn mar thoradh air plana Gàidhlig.

Eadar Sultain 2010 agus Lùnastal 2011, thadhail còrr is 340, 000 daoine air Pàrlamaid na h-Alba agus chunnaic a h-uile duine aca ar suaicheantas dhà-chànanach cho math ris na soidhnichean Beurla/Gàidhlig. A bharrachd air seo, chì a h-uile duine a tha choimhead air ar làrach-lìn no a fhuair bileag no litir bhon Phàrlamaid ar suaicheantas dà-chànanach.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

 

Soidhne dà-chànanach ùr taobh a-muigh na Pàrlamaid

Soidhne dà-chànanach ùr taobh a-muigh na Pàrlamaid