1320 agus mar sin air adhart


Chaidh mi air turas gu Obar Bhrothaig leis an teaghlach aig deireadh na seachdain agus fhad ’s a bha mi ann, chunnaic mi ìomhaigh a tha a’ comharrachadh Dearbhadh Obar Bhrothaig, 1320.

Nochd an Dearbhadh fhèin anns a’ Phàrlamaid ann an 2005 mar phàirt den taisbeanadh For Freedom Alone. 

Dearbhadh Obar Bhrothaig
Dearbhadh Obar Bhrothaig

Ged a tha an dearbhadh fhèin air a dhol air ais do Chlàraidhean Nàiseanta na h-Alba, chithear lethbhreac dheth sa Phàrlamaid. Chaidh seo a thoirt don Phàrlamaid le Tasglann Nàiseanta na h-Alba (a tha a-nis na phàirt de Chlàraidhean Nàiseanta na h-Alba) ann an 2000.

Tha an dearbhadh mar phàirt de chruinneachadh is ro-innleachd ealain na Pàrlamaid a tha a’ gabhail a-steach bàrdachd, dealbhan camara, dealbhan, ìomhaigh, gràbhaladh agus eile. Chithear obraichean ealain air feadh togalach Pàrlamaid na h-Alba agus tha barrachd fiosrachaidh mu na h-obraichean ealain ri fhaighinn air ar làrach-lìn. Tha tursan-trèoraichte mu ealain s Phàrlamaid rim faighinn cuideachd.

Tha na pannalan fiosrachaidh airson nan obraichean ealain san dà-chànanach .

Alasdair
gaidhlig@scottish.parliament.uk