Comataidhean a’ sireadh do bheachdan


Ged nach eil a’ Phàrlamaid na suidhe an-dràsta, tha cothrom agad buaidh a thoirt air a h-obair.

Tha grunn diofar chomataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh beachdan a’ phobaill air diofar chùisean mòra a tha a’ toirt buaidh air Alba an latha an-diugh.

Seòmar Comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba

Seòmar Comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba

Seo na rannsachaidhean a tha a’ dol air adhart aig an àm seo:

Comataidh Bile na h-Alba a’ sireadh fianais air Bile na h-Alba

Rannsachadh Comataidh na Slàinte air riaghladh cùram seann dhaoine

Dreach buidseat 2012-13 – gairm fianais bho Chomataidh an Ionmhais (Beurla)

Rannsachadh Comataidh a’ Cheartais air Bile Bhile Giùlan Ionnsaigheach aig Ball-coise is Conaltraidhean Bagarrach (Alba) (Offensive Behaviour at Football and Threatening Communications (Scotland) Bill) (Beurla)

Ma tha beachdan agad air na ceistean sin, na bi leisg do bheachdan a thoirt do na comataidhean.

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk