Actair ainmeil a’ tadhal air a’ Phàrlamaid


Thadhail a’ bhana-chleasaiche ainmeil  Dianne Wiest air a’ Phàrlamaid Disathairne agus thug an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPAturas don t-seòmar-deasbaid dhìth.
Dianne Wiest agus an t-Oifigear Riaghlaidh

Dianne Wiest agus an t-Oifigear Riaghlaidh

Tha Dianne, a tha na bhana-chleasaiche cliùiteach an dà chuid air an àrd-ùrlar agus air an sgrìn, air dà Oscar a bhuannachadh airson nam filmichean Woody Allen Hannah and her Sisters agus Bullets over Broadway. Bha i ann an iomadh film eile a’ gabhail a-steach Footloose, na Lost Boys agus Edward Scissorhands.  

Tha Dianne i ann an Alba aig an àm seo a’ dèanamh rannsachadh air a shinnsearachd Albannach. ’S ann à Uachdar Mucadaidh ann am Fìobh a bha a màthair.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk