Faic an dealbh mhòr!


Bidh an Fhèis Phoilitigsa’ tòiseachadh a-màireach (Disathairne 20 Lùnastal) le latha sònraichte do dh’òigridh.

Is e Get the Picture an t-ainm a bhios air an tachartas seo.

Ged the Picture 

Gus an Fhèis a chur air bhog, thig daoine òga à Alba gu lèir còmhla gus ceistean a bhios a’ bualadh orra an-dràsta is san ùine air thoiseach a sgrùdadh.

Bidh na riochdairean a-mach air na tha cudromach dhaibh le bhith a’ coinneachadh ann an “Ionad Margaidh” agus bidh buidhnean-obrach ann às dèidh làimhe.

Thig cùisean gu ceann le deasbad anns an t-Seòmar le bhòtadh eadar-ghnìomhach.

Bidh co-fharpais aithris ann cuideachd agus taghaidh buidheann de dh’eòlaichean an aithris as fheàrr air an latha agus thèid seo ainmeachadh anns an t-Seòmar.

Thoir sùil air làrach-lìn na Fèise airson an fhiosrachaidh as ùire.

Tha an tachartas seo air taic fhaighinn bho Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, Urras Charnegie Dhùn Phàrlain agus bho Phàrlamaid Òigridh na h-Alba.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk