A’ ceilearadh sa Ghàidhlig


Fhuair Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad tweet aice sa Ghàidhlig an t-seachdain sa chaidh.

Tha cunntas Twitter aig Pàrlamaid na h-Alba (@ScotParl).

Thoisich a’ Phàrlamaid air twitter air latha an taghaidh, 5 Cèitean agus bidh an cunntas a’ cumail fiosrachadh ris a’ phoball mu na tha tachairt a thaobh ghnothaichean pàrlamaideach agus mu bhith a’ gabhail pàirt. Tha 2,000 daoine a’ leantainn na Pàrlamaid agus tha cha mhòr 300 tweet air a bhith ann gu ruige seo.

Ged a tha a’ mhòr-chuid de na tweets aig a’ Phàrlamaid sa Bheurla, bidh sinn a’ cur a-mach rudan dà-chànanach a thaobh na Gàidhlig bho àm gu àm agus faodaidh daoine tweets a chur thugainn sa Ghàidhlig.

Na dìochuimhnich cuideachd gum faodar fios a chur thugainn air teacs sa Ghàidhlig cuideachd: 07786 209 888.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Taigh an Ròid

Taigh an Ròid