Cò a nì dè?


Tha tòrr diofar bhuidhnean riaghlaidh ann an Alba a tha a’ toirt buaidh air ar beatha: Pàrlamaid na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na RA, Pàrlamaid na h-Eòrpa agus comhairlean ionadail. Agus tha daoine ann a tha gar riochdachadh anns na diofar buidhnean taghte againn: BPA, BP, BPE agus Comhairlichean. Ach cò a nì dè agus dè tha gach buidheann a’ dèanamh?

‘S e ceistean gu math cudromach a th’ annta seo agus thèid an cur air a’ Phàrlamaid gu tric leis a’ phoball.

Air an adhbhar seo, tha sinn air bileagan ùra fhoillseachadh gus coimhead air na dearbh cheistean seo. Is iad seo:

BPA, BP, BPE – cò a tha a’ dèanamh dè?  (pdf)

BPA, BP, BPE, Comhairleachan

Tha a’ bhileag seo a’ mìneachadh nan dreuchdan a th’ aig na diofar riochdairean a th’ agaibh ann an Alba, ag innse na tha iad a’ dèanamh agus mar a gheibh sibh air fios a chur thuca.

Taigh an Ròid agus Westminster – cò a tha a’ dèanamh dè? (pdf)

Taigh an Ròid agus Westminster - cò tha a dèanamh dè?

Tha a’ bhileag seo a’ mìneachadh nan diofar dhreuchdan a th’ aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Westminster.

Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba – dè an t-eadar-dhealachadh eatorra? (pdf)

Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba

Tha a’ bhileag seo a’ soilleireachadh nan dreuchdan a th’ aig Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba.

Mar sin, ma tha thu ag iarraidh cuspair sam bith a thogail leis na h-ùghdarrasan, bidh fios agad cò ris am bu chòir dhut fios a chur.

Tha na bileagan seo uile rim faighinn bhuainn saor is an-asgaidh air pàipear cuideachd.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk