Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne agus Pàrlamaid na h-Alba


Bha mi ann an Taigh-tasgaidh taobh na h-Aibhne ann an Glaschu (taigh-tasgaidh ùr na còmhdhail) bho chionn goirid airson a’ chiad turais.

Thug mi sùil air an làraich-lìn aca mus deach mi ann agus mhothaich mi gun robh bileag / mapa den togalach ri faighinn anns a’ Ghàidhlig.

Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne

Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne

 

Tha mapa mar sin againn ann am Pàrlamaid na h-Alba cuideachd, mapa dà-chànanach Gàidhlig/Beurla a tha ri fhaighinn an dà-chuid ann an clò agus air-loidhne.

Mapa Pàrlamaid na h-Alba

Mapa Pàrlamaid na h-Alba

Bha fàilte ioma-chànanach aig an taigh-tasgaidh cuideachd:

Fàilte dà-chànanach

Fàilte dà-chànanach, Taigh-tagaidh Taobh na h-Aibhne

 Agus tha beagan Gaeilge ann cuideachd air seann einnsean-smàlaidh!

 

Comhairle Chatharach na Gaillimhe

Comhairle Chatharach na Gaillimhe

 

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk