Taisbeanadh de dhealbhan a bheir ort smaoineachadh


Bidh taisbeanadh “Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail” a’ gabhail àite anns a’ Phàrlamaid eadar Disathairne 6 agus Disathairne 27 Lùnastal.

‘S e a th’ ann ach taisbeanadh de na dealbhan a bhuannaich co-fharpais Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail (World Press Photo). Anns an taisbeanadh am-bliadhna, bidh an obair aig 56 luchd-togail-dhealbh à 23 diofar dùthchannan a’ coimhead air cuspairean bho chogaidhean gu mòr-thubaistean nàdarra gu spors, ealain agus nàdar.

Dh’fhaodte gun toir cuid de na dealbhan ort a bhith a’ gàireachdainn no a bhith a’ gal ach ’s cinnteach gun toir iad uile ort smaoineachadh.

Tha teacsa an taisbeanaidh dà-chànanach anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla.

Seo Dealbh Naidheachd an t-Saoghail 2010 le Jodi Bieber à Afraga a Deas:

Chaidh Bibi Aisha (18) a chur bho riochd mar dhìoladh air teicheadh bho thaigh an duine aice ann an roinn Oruzgan ann am meadhan Afghanistan. Bha i air tilleadh gu taigh a pàrantan, ag agairt gun deach a droch làimhseachadh le muinntir a chèile. Nochd fireannaich ann oidhche ag èigheachd gun rachadh a toirt dhaibh mar pheanasachadh air ruith air falbh. Chaidh Aisha a thoirt gu beinn far an deach, air òrdain ceannaird aig an Taliban, a teannachadh sìos agus na cluasan, is an uair sin an t-sròn aice, a sgathadh dhith. Ann an cleachdaidhean an àite, thathar ag ràdh gu bheil duine a th’ air a bhith air a mhaslachadh leis a’ mhnaoi aige air an t-sròn aige a chall, is thathar a’ measadh seo mar pheanasachadh. Chaidh Aisha a thrèigsinn, ach chaidh a teasairginn an dèidh sin agus a toirt do dh’ionad-fasgaidh ann an Kabul a tha ga ruith leis a’ bhuidhinn-chuideachaidh Mnathan do Mhnathan Afghanistan, far an deach làimhseachadh is taic-inntinn a thoirt dhi. An dèidh dhi ùine a chosg anns an ionad, chaidh a toirt do dh’America airson barrachd comhairleachaidh is leigheas-slànachaidh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk