Tha e math a bhith a’ bruidhinn!


Rosemary Everett
Rosemary Everett, Ceannard Foghlaim is Com-pàirteachas Coimhearsnachd, Pàrlamaid na h-Alba

Thathar ag ràdh gur e “ùine fhada a th’ ann an seachdain ann am poileataigs”. ‘S ann tric a tha e a’ faireachdainn mar sin anns an seachdainean nuair a tha a’ Phàrlamaid na suidhe agus sinn ag obair cho cruaidh sa ghabhas gus na targaidean is cinn-latha againn a choilionadh. Air an adhbhar seo, bidh mi fhèin is Marc is Alasdair a’ gabhail beagan tìde rè fosadh an t-Samhraidh gus coimhead gu domhainn air seirbheis na Gàidhlig.

Choinnich sinn ann an Glaschu na bu thràithe san Iuchar gus beachdachadh air dòighean gus am Blog seo a leasachadh (faic an duilleag ùr againn do luchd-ionnsachaidh a tha Alasdair air cur suas mar thà); rudan eile a b’ urrainn dhuinn dèanamh leis na meadhanan sòisealta, mar a tha a’ dol dhuinn leis na targaidean anns a’ Phlana Ghàidhlig againn agus gus beachdachadh air an ath-phlana (a bhios a’ ruith eadar 2013 agus 2018 – is toil leam a bhith air thoiseach air cùisean agus a bhith air deagh ullachadh a dhèanamh!).

Dh’innse Alasdair dhuinn mar a chaidh leis aig coinneamh a chaidh cumail le buidhnean eile bho chionn goirid agus bheachdaich sinn air trèanadh taobh a-staigh na buidhne agus mu bhith dèanamh cinnteach gun robh fios aig luchd na Gàidhlig mu bhith a’ gabhail pàirt ann an obair na Pàrlamaid agus a bhith a’ cur fios gu BPA.

Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne, Glaschu

Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne, Glaschu

 
Nuair a bha sinn ann an Glaschu chaidh sinn do Taigh-tasgaidh ùr Taobh na h Aibhne agus chleachd sinn am mapa Gàidhlig aca. Chunnaic sinn cuid de na craoladairean Gàidhlig aig a’ BhBC tron uinneig aig Pacific Quay cuideachd agus bha beagan spòrs againn a’ coimhead air na taisbeanaidhean san taigh-tasgaidh. Bha an turas againn air ais a Dhùn Èideann gu math feumail cuideachd agus rinn sinn barrachd cnuasachaidh. Tha an t-àm ann a-nis na “puingean gnìomh” againn a chur an gnìomh!
 
Rosemary Everett, Ceannard Foghlaim agus Com-pàirteachasan Coimhearsnachd
Stiùidio a' BhBC, Glaschu

Stiùidio a' BhBC, Glaschu

 

Alasdair aig stiùir trama

Alasdair aig stiùir trama

 

Rosemary air treana ann an Taigh-tasgaidh na Còmhdhail

Rosemary air treana ann an Taigh-tasgaidh na Còmhdhail