Sgrìobh gu na Buill agad sa Ghàidhlig!


Faclairean

Faclairean

Tha sinn air cluinntinn bho iomadh Ball bho chionn goirid a tha air litrichean fhaighinn anns a’ Ghàidhlig bho dhaoine anns an sgìre aca.

Faodaidh daoine sgrìobhadh do na BPA aca anns a’ Ghàidhlig.

Mur a h-eil Gàidhlig aig a’ bhall, tha sgeama ann gus taic a thoirt dhaibh gus  eadar-theangachadh a chur air dòigh den litir/post-D agad agus den fhreagairt aca, ma tha freagairt a dhìth. Is e seo Sgeama Cosgaisean nam Ball.

A rèir a’ phoileasaidh Cànain againn:

“Bidh BCPA a’ toirt ghoireasan do na Buill a chuireas air chomas dhaibh an cuid dhleastanasan mar Bhuill sgìrean-pàrlamaid no roinnean-pàrlamaid a dhèanamh. Faodaidh Buill airgead fhaighinn air ais tro Sgeama Cosgaisean nam Ball nuair a bhios seirbheisean eadar-theangachaidh no eadar-mhìneachaidh air an cleachdadh.”

Airson barrachd fiosrachaidh, faic Poileasaidh Cànain Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba agus an stiùireadh air a’ phoileasaidh a tha a’ mìneachadh gu soilleir na tha e a’ ciallachadh dhut.

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk