Dà-chànanas agus blas den Ghàidhlig


Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ foillseachadh tòrr bhileagan anns a’ Ghàidhlig. Mar is trice, bidh sinn a’ foillseachadh tionndaidhean Gàidhlig agus tionndaidhean Beurla fa leth. Le bhith a’ dèanamh seo, tha fios againn air cia mheud daoine a tha a’ leughadh na bileagan Gàidhlig – rud a tha feumail dhuinn ann a bhith a’ sgrùdadh cleachdadh na Gàidhlig is a bhith a’ brosnachadh iarrtas.

Uaireannan, ge-tà, tha e nas fheàrr a bhith a’ dèanamh bhileagan dà-chànanach. Mar eisimpleir, bho chionn goirid, dh’fhoillsich sinn mapa dà-chànanach den togalach.

Mapa togalach na Pàrlamaid

Airson cuid a dh’fhoillsichidhean, mar eisimpleir, rudan a tha fada no teicnigeach agus air nach biodh fèill mhòr air tionndadh Gàidhlig, bidh sinn a’ cleachdadh beagan Gàidhlig ann an sgrìobhainn Beurla gus ìomhaigh na Gàidhlig a chur am follais barrachd agus gus sealltainn gu bheil co-ionnanachd spèis aig a’ Ghàidhlig. Rinn sinn sin leis na pasganan airson nan gnàth-riaghailtean agus airson còd-giùlain nam ball, mar eisimpleir.

Dà-chànanas agus blas den Ghàidhlig

Dà-chànanas agus blas den Ghàidhlig

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk