Briathrachas eadar-lìn: leabhran ùr


briathrachas eadar-lìn

briathrachas eadar-lìn

Dh’aithris sinn an latha roimhe gun robh sinn ag obair air làrach-lìn ùr na Pàrlamaid.

Bhon uair sin, fhuair sinn leabhran inntinneach tron phost: Briathrachas eadar-lìn/Internet Terminology, a chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhuidhinn An Seotal.

Chan eil cothrom air a bhith againn a sgrùdadh gu mionaideach fhathast ach tha e coltach gum bi e gu math feumail dhuinn.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn bho www.anseotal.co.uk agus tha am briathrachas air fad a tha san leabhar ri fhaighinn air stòr-dàta air loidhne na buidhne.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk