Na Gàidheil an guaillibh a chèile!


Prìomh Oifis HIE far an do choinnich na h-Oifigearan Gàidhlig

Prìomh Oifis HIE far an do choinnich na h-Oifigearan Gàidhlig

Bha seirbheis Gàidhlig na Pàrlamaid an làthair an t-seachdain sa chaidh aig coinneamh ann an Inbhir Nis aig buidheann a tha a’ toirt daoine còmhla a tha an sàs ann a bhith a’ cur ri chèile no a’ cur an gnìomh planaichean Gàidhlig aig diofar bhuidhnean poblach.

Bha riochdairean ann bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Riaghaltas na h-Alba, SQA, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Coimisean na Coilltearachd Alba.

Is e adhbhar na buidhne daoine a thoirt còmhla gus bruidhinn air ‘deagh chleachdadh’ ann am planaichean Gàidhlig agus gus beachdachadh air dòighean airson a bhith ag obrachadh còmhla nas dlùithe.

Bha a’ choinneamh gu math feumail oir bha cothrom againn bruidhinn ri daoine eile a bha anns an aon suidheachadh agus a bhith a’ cluinntinn dè na rudan a bha air soirbheachadh agus na rudan nach robh buileach cho soirbheachail.

Tha còrr is 40 buidhnean poblach an sàs ann a bhith a’ sgrìobhadh no a’ cur an gnìomh plana Gàidhlig an-dràsta agus mar sin, bhiodh e furasta an ‘dealbh mhòr’ a chall mur a robh buidheann mar sin ann!  

Thàinig mi air ais loma-làn ideathan ùra!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk