Saor-làithean?


Pàrlamaid na h-Alba

Pàrlamaid na h-Alba: tha an togalach trang fhathast!

Tha Pàrlamaid na h-Alba na fosadh (in recess) an-dràsta. Tha seo a’ ciallachadh nach eil gnothaichean pàrlamaid a’ dol air adhart aig an àm seo ach chan eil sinn a’ ciallachadh gu bheil na BPA, luchd-obrach no togalach na Pàrlamaid nan tàmh idir.

Tha e cudromach seo a ràdh oir tha duine no dhà air faighneachd dhuinn bho chionn goirid a bheil luchd-obrach na Pàrlamaid air “saor-làithean” an-dràsta nuair a tha na Buill air an “saor-làithean”.

Ged nach eil coinneamhan comataidh no coinneamhan den làn-Phàrlamaid a’ dol air adhart, tha na BPA fhathast trang le obair sgìreil agus, mar as àbhaist, faodar fios a chur thuca ma tha ceist no beachd no duilgheadas sam bith agad.

Tha togalach na Pàrlamaid fosgailte mar as àbhaist cuideachd agus faodar tighinn a-steach airson tursan-treòraichte no airson srubag is turas don bhùth. 

Agus tha obair seirbheis na Gàidhlig a leantainn mar as àbhaist cuideachd agus tha sinn ag obair air beagan bhileagan ùra is duilleagan lìn aig an àm seo. 

Mar sin, na bi leisg tighinn don Phàrlamaid, sgrìobhadh don Phàrlamaid no ar seirbheisean Gàidhlig a chleachdadh as t-Samhradh.

 Mairidh am fosadh gu 4 Sultain 2011.

Alasdair

Gaidhlig@scottish.parliament.uk